Cosgaisean lìbhrigidh ro mhòr
Tha millean duine ann an Alba a' pàigheadh cus airson rudan a bhith air an lìbhrigeadh thuca, a rèir Bhiùro Chomhairleachaidh a' Phobaill.
Tha aithisg aca air a' chùis ag ràdh gu bheil an suidheachadh buileach dona air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan far a bheileas a' pàigheadh suas ri 15% barrachd na bu chòir.
Tha Dòmhnall MacLaomain ag aithris.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~02~RS~)
