Aiseag Mhalaig ga dhiùltadh
Cha tèid aiseag a chur eadar Malaig 's Loch Baghasdail, 's cha tèid RET a thilleadh gu carbadan coimearsalta, a rèir ath-sgrùdaidh nan seirbheisean aiseig aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha iad am beachd faisg air £400m a chosg a' leasachadh sheirbheisean aiseig thar 13 bliadhna.
Thuirt iad gun cosgadh aiseag Mhalaig cus, 's gu bheil diofar bheachdan ann mu dheidhinn, ach bheir iad sùil eile air an ceann trì bliadhna.
Tha an aithis seo aig Aonghas Dòmhnallach.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~21~RS~)
