Breithneachadh na adhbhar misneachd do mhuinntir na Pàirce

  • 20 An Dùbhlachd 2012

Fhuair an iomairt aig Urras na Pàirce an oighreachd aca a cheannach togail leis an naidheachd gu bheil Cùirt an t-Seisein air co-dhùnadh nach eil Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn a' briseadh riaghailtean Eòrpach.

Bha an t-uachdaran Barry Lomas air tagradh a dhèanamh an aghaidh na h-Achd, 's e a cumail a-mach gun robh e a' briseadh Cùmhnaint Eòrpaich Chòirichean a' Chinne Daonna.

Thuirt Donaidh Dòmhnallach bho Urras na Pàirce gu bheil am breithneachadh a' ciallachadh gun urrain dhaibh leantail orra le an iomairt gus an oighreachd a cheannach an aghaidh toil Mhgr Lomas.

"'S e naidheachd mhòr a tha seo dhan sgìre - dhan dùthaich ann an tòrr dhòighean," thuirt e.

"Bhon, nam biodh seo an dèidh a dhol an aghaidh mar a chaidh e, bhiodh e air crìoch a chur air oidhirp airson talamh a thoirt a-steach dhan choimhearsnachd.

"Tha e math gun tàinig na britheamhan a-mach cho fìnealta 's cho làidir an aghaidh rud a chaidh a chur air am beulaibh bho na daoine a bha a' seasamh an-àirde airson Mhgr Lomas.

"Dh'iarrainnsa, anns an t-seusan a tha seo, gun gabhadh Mgr Lomas beachd air dè cho fada 's a tha e a' dol a chumail seo a' dol, agus gun tig e gu co-dhùnadh gu h-aithghearr," thuirt e.