Còrr is millean Albannach a' pàigheadh cus

Bocsa Litreach Tha cuid de chompanaidhean a' diùltadh stuth a chur dhan cheann a tuath.

Tha barrachd air millean Albannach a' pàigheadh tuilleadh 's a chòrr airson stuth fhaighinn tron phost, a rèir Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

Tha aithisg ùr a' dèanamh dheth gur iad eileanaich as motha a tha a' fulang, le suas ri 500% ga chur ris na tha iad a pàigheadh ann an cosgaisean lìbhrigidh airson stuth a cheannaich iad air-loidhne.

Ach tha am Biùro cuideachd ag ràdh gu bheil brath ga ghabhail air daoine a tha a' fuireach air Tìr Mòr na h-Alba.

Rinn am Biùro sgrùdadh air 500 companaidh a tha a' reic stuth air-loidhne, agus rannsaich iad barrachd air 3,000 gearain bho luchd-ceannaich.

Còd-puist

Thuirt iad gu bheil Albanaich air am peanasachadh air sgàth an t-seòlaidh aca nuair a cheanaicheas iad stuth bho lethid Argos, Tesco, Amazon agus Ebay.

Chaidh a dhearbhadh gu bheil daoine anns na h-eileannan a' pàigheadh £18.60 a bharrachd, agus air a' Ghàidhealtachd tha daoine a' pàigheadh suas ri £15 a bharrachd.

'S e aineolas a tha ag adhbharachadh cuid den trioblaid seo a rèir a' Bhiùro, agus cuid de chompanaidhean a' smaoineachadh gur e eilean a th' ann an Inbhir Nis, agus gur ann air Ghàidhealtachd a tha Obar Dheathain.

Tha cuid de chompanaidhean a' cur barrachd ris na phàigheas daoine ann an Siorrachd Obar Dheathain ri linn sin, agus cuid a' diùltadh stuth idir a chur gu seòlaidhean le còd-puist leithid KW, anns a' cheann a tuath.

Tha am Biùro ag ràdh gu bheil e gu tur mì-chothromach, agus tha iad a' cur ìmpidh air luchd-ceannaich gearainnean a thogail agus a bhith a' strì airson phrìsean nas cothromaiche.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.