"Feumaidh an Riaghaltas èisteachd" mu Aiseag Mhalaig

Loch Baghsdail Ghabh 1,100 duine pàirt anns an sgrùdadh.

Sgeulachdan co-cheangailte

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba ceumannan a ghabhail gus seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig cho luath 's is urrainn dhaibh an ath-bhliadhna.

Sin a rèir Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, agus sgrùdadh ùr air sealltainn gu bheil taic làidir am measg an t-sluaigh airson na seirbheis.

Ghabh 1,100 neach pàirt anns an sgrùdadh.

Chaidh an sgrùdadh iarraidh le Buidheann-Ghnìomha Raon Rocaidean Innse Gall, agus fhuaireadh gun robh cha-mhòr 90% den fheadhainn a fhreagair buailteach neo glè bhuailteach an t-seirbheis a chleachdadh nam biodh i ann.

Soitheach ùr

Tha Riaghaltas na h-Alba dìreach air na molaidhean aca airson seirbheisean aiseig na h-Alba thar an ath dheich bliadhna fhoillseachadh.

Fo na planaichean sin, thèid seirbheis aiseig ùr a chur air dòigh eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Siorrachd Inbhir Àir, taobh Eilein Arainn.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil iarrtas làidir air tighinn thuca airson seirbheis aiseig eadar Malaig agus Loch Baghasdail.

Thuirt iad nach gabhadh an t-seirbheis cur air dòigh an-dràsta, leis gum feumte an aon shoitheach 's a thathas a' cleachdadh airson na seirbheis dhan Òban a chleachdadh, agus gun toireadh sin buaidh air an t-seirbheis sin.

Start Quote

Chan e dìreach dithis no triùir ann an Uibhist a Deas a tha ag iarraidh seo”

End Quote Aonghas MacIlleMhaoil Cathraiche Stòras Uibhist

Thuirt iad ge-tà, gun coimhead ministearan ri cho seasmhach 's a bhiodh seirbheis eadar Loch Baghasdail agus Malaig nuair a choimheadas iad ri piseach a thoirt air seirbeisean aiseig eile gu agus eadar na h-Eileanan Siar.

Dh'fheumadh an t-seirbheis, tha an Riaghaltas ag ràdh, soitheach ùr a bhith air a togail, agus chosgadh sin mu £100m de dh'airgead phoblach, eadar a bhith ga togail (£20-40m) agus a bhith ga ruith (£3-4m gach bliadhna).

Thuirt iad gun deadh sùil eile a thoirt air a' chùis nuair a nìthear co-dhùnadh air nàdar an ath chùmhnaint aig Seirbheisean Aiseig Chluaidh is nan Eilean (CHFS).

"'S e a' Bhuidheann-ghnìomha a chuir an sgrùdadh seo air aghaidh," thuirt Mgr macIlleMhaoil.

"Tha deich diofar bhuidhnean co-cheangailte ris a' Buidhinn-ghnìomha, a tha a sealltainn dìreach cho làidir - chan e dìreach dithis no triùir ann an Uibhist a Deas a tha ag iarraidh seo, ach a thaobh a' mhaith a thig às a thaobh na h-eaconamaidh agus nam buannachdan sòisealta.

"Tha sin air a dhearbhadh gu math gu math soilleir, agus chan eil rathad aca a-niste gun choimhead air seo, agus a chur a-steach do dh'Ath-sgrùdadh nan Seirbheisean Aiseig," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.