Taic 'son Loch Baghsdail - Malaig

  • 18 An Dùbhlachd 2012
Loch Baghsdail Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha taic mhòr ann an Uibhist son seirbheis aiseig eadar Loch Baghsdail is Malaig, a rèir rannsachaidh ùir.

Sheall rannsachadh air an iarrtas son aiseag a stèidheachadh eadar Loch Baghsdail agus Malaig taic mhòr dhan t-seirbheis.

'S iad Buidheann-ghnìomha Raon Rocaidean Innse Gall a dh'iarr an rannsachadh neo-eisimeileach.

Tha a' bhuidheann-ghnìomha den bheachd gum biodh seirbheis eadar Loch Baghsdail agus Malaig fìor chudromach ann a bhith a' toirt spionnaidh do dh'eaconamaidh Uibhist.

Thuirt 89% de na thug seachad am beachd san rannsachadh gum biodh iad "glè choltach" no "an ìre mhath coltach" an t-seirbheis aiseig a chur gu feum.

Bha 84% den bheachd gum biodh buannachdan eaconamach an lùib na seirbheis.

Neartachadh

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil an rannsachadh a' neartachadh na h-argamaid airson na seirbheis.

"'S e rannsachadh cudromach a tha seo a tha a' sealltainn gu follaiseach na taic làidre a tha sa choimhearsnachd airson na seirbheis seo.

"A cheart cho cudromach, tha e a' sealltainn nan cothroman a th' ann son an eaconamaidh ionadail ath-bheòthachadh.

"Bidh mi a' toirt seachad an rannsachaidh seo do Chòmhdail na h-Alba agus tha mi an dòchas coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba an ceartuair 'son an gnothach a dheasbad.

"San eadar-ama, chuirinn-sa ris an iarrtas a rinn Buidheann-ghnìomha Raon Rocaidean Innse Gall bho chionn ghoirid gum bi sgrùdadh nan seirbheisean aiseig soilleir air na tha an dàn do sheirbheis eadar Loch Baghsdail agus Malaig, agus gum foillsich Riaghaltas na h-Alba cho luath 's a ghabhas gun dèan iad deuchainn air an t-slighe ann an 2013," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile