17 de na sgìrean as bochd an Alba air Ghàidhealtachd

  • 18 An Dùbhlachd 2012
Flat falamh Image copyright PA
Image caption Thugadh sùil air eucoir agus taigheadas mar phàirt den rannsachadh.

'S ann air Ghàidhealtachd a tha 17 de na sgìrean as bochda dheth ann an Alba, a rèir fhiosrachaidh ùir.

Bidh Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh sgrùdadh air "sònaichean dàta," agus tha 6,505 dhiubh san dùthaich.

'S e an Scottish Index of Multiple Deprivation (SIMD) a chanas iad ris.

Tha sluagh eadar 500 agus 1,000 duine a' fuireach anns gach sgìre.

"Cuid den dealbh"

'S ann sa 15% as bochda dhiubh a tha 17 de na sgìrean air Ghàidhealtachd.

Anns an sgrùdadh mu dheireadh, a rinneadh ann an 2009, bha 16 sgìrean air Ghàidhealtachd sa cheudad sin.

'S ann an Inbhir Pheofharain a tha an sgìre ùr.

'S iad na sgìrean air Ghàidhealtachd a th' air an comharrachadh sa 15% as bochda, a rèir an òrdugh: A' Mharc-Innis a Tuath, Inbhir Nis; Ceasag a Deas, Inbhir Nis; Pultneytown a Deas, Inbhir Ùige; A' Mharc-Innis an Ear, Inbhir Nis; Craobh-shràid an t-Sratha, Inbhir Ghòrdain; Ceann a' Chnuic a Tuath, Inbhir Ùige; Meadhan agus Longman, Inbhir Nis; A' Mharc-Innis a Deas, Inbhir Nis; Inbhir Ùige a Deas; Taobh na h-Eaglaise, Alanais; Baile a' Chnuic an Iar, Inbhir Nis; Machair Rois a Deas; A' Mharc-Innis Telford, Inbhir Nis; Meadhan Inbhir Pheofharain; Rubha a Deas, Inbhir Ùige; Ràthaig Mhòr a Tuath, Inbhir Nis; agus Taigh an Aonaich, Alanais.

"Gu follaiseach, 's i trioblaid leantainneach a th' anns a' bhochdainn, agus tha sinn gu mòr airson na 's urrainn dhuinn a dhèanamh gu h-ionadail airson dèiligeadh ris," thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry.

"Ged a tha ìre na bochdainn ìosal air Ghàidhealtachd an taca ri sgìrean eile de dh'Alba, tha SIMD gu math feumail ann a bhith gar cuideachadh gus sgìrean bochda aithneachadh.

"Tha fhios againn cuideachd nach eil ann an seo ach cuid den dealbh. Mar sin, ruigidh na seirbheisean agus am maoineachadh againn clann, daoine gun chosnadh, agus daoine nas sine a tha a' fuireach sna coimhearsnachdan dùthchail againn, far am faod a' bhochdainn a bhith nas fhalaichte, 's nach nochd e air SIMD.

"Cuiridh sinn beum ris an obair againn còmhla ri leithid nam Poileas agus NHS na Gàidhealtachd, gus dèiligeadh ris an trioblaid seo," thuirt e.