Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Èirinn a Tuath

Chaidh 15 duine a chur an grèim an dèidh oidhche eile de dh'àimhreit ann an Èirinn a Tuath, far a bheil Dìlsich air a bhith a' togail fianais bho chionn còrr is cola-deug mun cho-dhùnadh bratach an Aonaidh a thoirt a-nuas a' mhòr-chuid den ùine aig Talla Baile Bhéal Feirste. Chaidh oifigear poilis a leòn ann am Béal Feirste.

Ìre na h-Atmhorachd

Dh'fhuirich prìomh rèata na h-Atmhorachd gun atharrachadh air a' mhìos a chaidh seachad. Sheas an Clàr Ceannaich (CPI) aig 2.7% anns na t-Samhain. Ach thuit an Clàr Reic (RPI) gu 3% bho 3.3% anns an Damhair.

Stèisean Mhaor-cladaich Chluaidh

Tha Stèisean Mhaor-cladaich Chluaidh ann an Grianaig a' dùnadh an-diugh. Chaidh obair an stèisein a ghluasad air a' mhìos a chaidh gu Steòrnabhagh agus Béal Feirste. Tha àrd-oifigeach an MCA ag ràdh nach cuir dùnadh stèisein Chluaidh beatha ann an cunnart, ach tha Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, am measg na tha ag ràdh gur e atharrachadh gun chiall a th' ann.

A' Bhàn-righ

Tha a' Bhàn-righ aig Sràid Downing aig coinneamh Caibineit an Riaghaltais, agus tha e coltach gur e seo a' chiad turas de a sheòrsa bho linn Bhictoria. Ged a tha crìoch gu traidiseanta eadar ceannard stàite agus obair riaghaltais, chaidh fiachadh dhan Bhàn-righinn mar chomharra air a 60 bliadhna air a' Chrùn.

Cuòtathan an Iasgaich

Tha ministearan iasgaich na h-Eòrpa a' coinneachadh sa Bhruiseal airson cuòta na h-ath-bhliadhna a chur air dòigh, agus Breatainn a' cur an aghaidh plana airson tuilleadh ghearraidhean ann an iasgach an truisg. Tha ceannardan iasgaich na h-Alba ag ràdh gu bheil an deasbad mu stoc an truisg a' cur a' ghnìomhachais ann an cunnart.

Àireamh an t-Sluaigh

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ruairidh MacCuthais, gur e "boma a' feitheamh ri spreadh" a th' ann an crìonadh sluaigh na sgìre sin. Tha Cunntas-Sluaigh 2011 ag ràdh gu bheil 3,300 nas lugha daoine a' fuireach san sgìre na bh' ann ann an 2001. 'S e an aon sgìre chomhairle an Alba far a bheil àireamh an t-sluaigh air tuiteam. Ach tha ceannardan agus riochdairean poileataigeach nan Eilean Siar a' cur teagamh anns na figearan a tha ag ràdh gun do dh'èirich àireamh-sluaigh na sgìre acasan.

Barraigh is Bhatarsaigh

Chaidh aontachadh aig coinneamhan ann am Barraigh is Bhatarsaigh an-raoir a dhol air adhart le rannsachadh air am bu chòir sealbh a ghabhail air an fhearann. Bha 60 duine aig coinneamh Bhàgh a' Chaisteil, 's bhòt 28 airson a dhol air adhart le sgrùdadh, is ceathrar na aghaidh. Sheachainn 28 eile a bh' aig a' choinneimh sin bhòtadh. Aig coinneamh Bhatarsaigh, bhòt a h-uile duine a bh' ann, 15, airson gluasad air adhart leis a' phròiseas. Bidh coinneamh eile ann an Talla a' Bhàgh a Tuath am Barraigh a-nochd.

Teàrlach Adam

Thàinig bàs aithghearr aig 50 bliadhna de dh'aois air Teàrlach Adam, a bha na chluicheadair ball-coise aig Dundee United agus Partick Thistle. Fhuair poilis a chorp na dhachaigh ann an Dùn Dè an-raoir. B' e Mgr Adam athair Charlie Adam a tha a' cluich do Stoke City 's do dh'Alba. Tha mac eile dha, Grant, a' cluiche do dh'Àrd-ruighe United.