Teagamh ann an àireamh an t-sluaigh sna h-Eileanan Siar

  • 18 An Dùbhlachd 2012
Alasdair Allan
Image caption Tha Alasdair Allan ag iarraidh soillearachaidh air na figearan a nochd an t-seachdain seo.

Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, teagamh anns na figearan as ùire air àireamh-sluaigh na sgìre.

Nochd fios bhon Chunntas-Sluaigh as ùire Diluain, gun robh àireamh-sluaigh nan Eilean Siar air èirigh mu 1,500 thairis air an deich bliadhna a dh'fhalbh gu 28,000.

Dh'aidich Mgr Allan gun robh na figearan air iongnadh a chur air is thuirt e gu bheil oifigearan an riaghaltais a-nise a' ceasnachadh an robh figearan nan Eilean Siar ceart ann an 2001.

"Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil seo air tachairt," thuirt e.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e coltach gu bheil na figearan air a dhol suas mar seo san deich bliadhna a chaidh seachad.

Fianais

"S dòcha gu bheil, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil fianais ann airson sin anns a' choimhearsnachd.

"Ma tha iad air a dhol suas bidh mi toilichte ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil rudeigin a dhìth fhathast air na figearan agus chì sinn na figearan gu lèir as t-Earrach," thuirt e.

'S e tuairmse a th' anns na figearan a nochd an t-seachdain seo agus thig àireamhan nas mionaidiche a-mach an ath-bhliadhna.

Dh'aidich Comhairle nan Eilean Siar mar thà nach robh iadsan an dùil ri àrdachadh san t-sluagh.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad feumach air fiosrachadh a bharrachd is iad amharasach gur e àrdachadh ann an daoine nas sine a sheallas an cunntas-sluaigh air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile