Rannsachadh air sealbh coimhearsnachd am Barraigh is Bhatarsaigh

  • 18 An Dùbhlachd 2012
Barraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S ann le Roinn an Àiteachais a tha an oighreachd ga ruith an-dràsta.

Chaidh aontachadh aig coinneamhan ann am Bàgh a' Chaisteil agus ann am Bhatarsaigh oidhche Luain a dhol air adhart le rannsachadh air sealbh a ghabhail air an fhearann.

Bha 60 duine aig coinneamh Bhàgh a' Chaisteil, agus bhòt 28 airson a dhol air adhart le sgrùdadh, le ceathrar na aghaidh.

Sheachainn 28 duine eile a bha an làthair bhòtadh.

Aig coinneimh Bhatarsaigh bhòt a h-uile duine den 15 duine a bha an làthair airson gluasad air adhart leis a' phròiseas.

Thug an seann uachdaran, MacNèill Bharraigh, an oighreachd seachad do Riaghaltas na h-Alba, air ghealltannas gun toireadh iad do na daoine i an-asgaidh nan robh iarrtas ann.

Tha an oighreachd an-dràsta air a ruith le Roinn an Àiteachais.

Bidh coinneamh eile ann an Talla a' Bhàgh a Tuath oidhche Mhàirt aig 7:00f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo