Àrdachadh an luchd-obrach tinn aig CnES

  • 18 An Dùbhlachd 2012
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Dh'aidich CNES gum feum iad obair a bharrachd a dhèanamh ann an cuid de roinnean.

Thog buidheann-faire dragh a thaobh mar a tha an àireamh de luchd-obrach aig Comhairle nan Eilean Siar (CnES) a tha dheth tinn ag èirigh, agus i nas àirde na àireamh na h-Alba sa chumantas.

'S ann a tha an aithisg bho Choimisean nan Cunntasan a' toirt sùil air ais air a' bhliadhna bhon t-Samhain 2011 nuair a thog Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba dragh mu chion adhartais ann an cuid de roinnean na Comhairle.

San aithisg ùir tha Coimisean nan Cunntasan ag ràdh gun robh luchd-obrach na Comhairle (gun tidsearan a bhith air an toirt a-steach air a' ghnothach) dheth sa chumantas 13.8 làithean sa bhliadhna ann an 2011/12.

Bha sin shuas bho 10.5 ann an 2008/09 agus pìos nas àirde na an àireamh sa chumantas air feadh na h-Alba, 10.4 là.

Bha lùghdachadh san àireamh de làithean a bha tidsearan anns na h-Eileanan dheth tinn bho 10 ann an 2008/09 gu 7.8 ann an 2011/12, ach tha an àireamh sin fhathast nas àirde na am figear son Alba gu lèir sa chumantas.

Smachd

Thuirt a' bhuidheann-faire gum feum CnES smachd fhaighinn air an t-suidheachadh.

Thuirt iad cuideachd gum feum adhartas a bhith air a dhèanamh san dòigh a tha iad a' stiùireadh an luchd-obrach.

Feumar gu sònraichte dèanamh cinnteach gun tèid barrachd mheasaidhean 'son luchd-obrach a dhèanamh.

Chaidh a ràdh ge-tà, gun deach adhartas a dhèanamh ann an gnothaichean ionmhais agus anns an dòigh sa bheil CnES a' brosnachadh dhaoine tairgeadan a choileanadh.

Fhuair a' bhuidheann-faire nach deach làn-bhuaidh nan leasachaidhean sin fhaicinn fhathast.

Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil na bunaitean a-nise aig CnES 'son piseach a bharrachd a thoirt air an obair aca.

Adhartas

Thuirt iad gum bi iad a' leantainn adhartas na Comhairle is gun tig aithisg eile bhuapa sna h-18 mìosan ri teachd.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' gabhail feart air na rudan a thog an Coimisean, is gu bheil iad toilichte gun do dh'aithnich a' bhuidheann-faire na leasaichean a chuir iad an sàs.

"Tha sinn air deagh adhartas a dhèanamh ach tha sinn ag aithneachadh gum feum sinn obair a bharrachd a dhèanamh," thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.

"Tha sinn a' cur romhainn adhartas a bharrachd a dhèanamh sna roinnean a thog an Coimisean.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh ge-tà, gu bheil grunn roinnean ann far a bheil a' Chomhairle a' soirbheachadh glè mhath, gu h-àraidh ann a bhith a' toirt seachad sheirbheisean, riaghladh, stiùireadh ionmhais, stiùireadh coimhearsnachd agus co-obrachadh ri buidhnean eile," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile