Stèisean Mhaor-cladaich gus dùnadh

  • 17 An Dùbhlachd 2012
Heileacoptair
Image caption Co-dhùin an MCA grunn stèiseanan a dhùnadh mar phàirt de phlanaichean gus an t-seirbheis ùrachadh.

Dùnaidh Stèisean Mhaor-Cladaich Chluaidh gu h-oifigeil Dimàirt a dh'aindeoin iomairt gus a ghlèidheadh.

Bha stèisean Chluaidh a' frithealadh air sgìre fharsaing bho Mhaol Ghall-Ghàidhealaibh gu Àird nam Murchan.

Sguir iad gairmean-èiginn a fhreagairt mar thà, agus na stèiseanan ann an Steòrnabhagh agus Béal Feirste air an obair aca a ghabhail os làimh san t-Samhain.

Tha an stèisean am measg ochd a cho-dhùin Buidheann na Mara 's nam Maor-cladaich (MCA) a dhùnadh mar phàirt de phlanaichean gus an t-seirbheis ùrachadh.

'S e Brixham, Foirthe, Great Yarmouth, Liverpool, Portland, Swansea agus Thames an fheadhainn eile.

Bha an MCA an toiseach am beachd grunn stèiseanan eile a dhùnadh, Steòrnabhagh is Sealtainn nam measg, ach dh'atharraich iad am planaichean às dèidh iomairtean anns na diofar sgìrean.

Cha do shoirbhich ge-tà le iomairt gus stèisean Chluaidh fhein a ghlèidheadh.

Buille

'S e buille a bhios ann dhan sgìre a bha an stèisean a' frithealadh, a rèir Eric Mhic a' Ghobhainn, a tha na sgiobair san Òban.

"Na daoine a tha a' fuireach san àite agus ag obair san stèisean ionadail - tha iad eòlach air an dùthaich, na daoine is an t-seòrsa bhàtaichean a tha ag obair ann.

"Tha mi fhìn a' smaoineachadh gur e call a tha seo oir ged a tha innealan aca an-diugh 'son cumail sùil air soitheachan, leithid AIS is GPS, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil càil a' dèanamh an-àirde 'son daoine aig a bheil fios dè tha a' tachairt san àite agus a tha eòlach air an àite," thuirt e.

Tha an MCA ag ràdh gum bi an t-seirbheis aca a cheart cho math 's a bha i roimhe.

Thuirt iad gun do rinn iad deuchainnean mionaideach is farsaing air na dòighean-obrach ùra mus do cho-dhùin iad stèiseanan a dhùnadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile