Barraigh ann an làmhan nan daoine?

  • 17 An Dùbhlachd 2012
Bàgh a' Chaisteil Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Beachdachaidh muinntir Bharraigh air am bu chòir dhaibh am fearann a ghabhail os làimh.

Gheibh muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh cothrom beachdachadh air am bu chòir dhan choimhearsnachd am fearann aca a ghabhail os làimh.

Dh'fhàg an t-seann uachdaran, Iain MacNèill, an oighreachd aige aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2004 agus 's e Roinn an Àiteachais a tha ga stiùireadh.

Thuirt e aig an àm gum feumadh an talamh a thoirt air ais dhan choimhearsnachd an asgaidh ma bha an t-iarrtas sin ann.

Bha Mgr MacNèill air am fearran a thabhainn air na daoine cheana ach cha robh a' mhòr-chuid airson gabhail ris an tairgse.

Uile gu lèir, tha an oighreachd a' gabhail a-steach 9,000 acair timcheall Bhàgh a' Chaisteil, ach thathas a-nis a' coimhead ri Barraigh is Bhatarsaigh air fad a ghabhail os làimh.

Ma 's e agus gun tèid leantainn air adhart leis, bu chòir a' chùis a bhith mòran nas fhasa na ann an àiteachan eile, leis gu bheil gach acair fo ùghdarras Roinn an Àiteachais, agus Bhatarsaigh agus Eòlaigearraidh a tha air a bhith nan làmhan fad bhliadhnachan fo aonta eachdraidheil.

Coinneamhan

Bidh coinneamhan poblach ann oidhche Luain ann am Bhatarsaigh aig 6:00f agus ann an Talla Bhàgh a' Chaisteil aig 8:00f, agus oidhche Mhàirt ann an Talla Bhàgh a' Tuath aig 7:00f.

Bidh òraidean ann bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Urras Taobh Siar na Hearadh.

Bha Taobh Siar na Hearadh cheana ann an làmhan Roinn an Àiteachais mus deach e ann an làmhan nan daoine.

Ma 's e is gun nochd taic gu leòr aig na coinneamhan thèid buidheann-stiùiridh a stèidheachadh airson an gnothach a rannsachadh.

Dh'fheumte bhòt a chumail cuideachd.