Dragh mu lùghdachadh uairean-obrach aig companaidh air Ghàidhealtachd

Itealan Tha a' chompanaidh a' bruidhinn ris an aonadh mun t-slighe air adhart.

Dh'innis companaidh SGL Carbon Fibres a tha a' toirt cosnaidh do chòrr 's 200 duine air a' Bhlàr Dhubh air Taobh Sear Rois gu bheil cunnart ann gum feum iad obraichean a ghearradh leis nach eil iad a' reic uimhir 's a bha iad.

Thuirt luchd-stiùiridh SGL gu bheil iad a' bruidhinn ris an aonadh mu dhòighean air airgead a chùmhnadh.

Tha iad ag ràdh gum b' fheàrr leotha uairean-obrach a lùghdachadh ach gur dòcha gum feum iad àireamh bheag de chosnaidhean a ghearradh.

Thug dàil le cùmhnantan ann an gnìomhachas nan itealan agus cumhachd na gaoithe droch bhuaidh air prothaidean na companaidh.

Bidh SGL cuideachd a' cumail stuth ri luchd-togail chàraichean agus uidheamachd spòrs.

Tha a' chompanaidh na pàirt de bhuidhinn SGL a tha stèidhichte sa Ghearmailt.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.