Plana mòr glèidhteachais ga fhoillseachadh

  • 14 An Dùbhlachd 2012
Soitheach Sgrùdaidh
Tha an sgìre a thathas a' moladh a dhìon cho mòr ri Alba fhèin.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba planaichean airson lìonra de sgìrean glèidhte mara (MPA) a stèidheachadh timcheall chladaichean na h-Alba.

Tha an Riaghaltas a' beachdachadh air dìon sònraichte a chur air 32,000 mìle ceàrnagach de sgìre mhara na h-Alba - sgìre mu mheud na dùthcha fhèin.

Tha an lìonra ag amas air dìon a chur air àrainnean mara an cois a' chladaich, a thuilleadh air falainneachd na mara.

Chuir iasgairean na h-uidhir de dhùbhlan ris a' phlana, agus dh'fhaodadh gun toireadh an sgeama buaidh cuideachd air tuathanasan cumhachd aig muir.

Tha cumhachd airson MPAs a chomharrachadh agus a stiùireadh ga thoirt don Riaghaltas fo Achd na Mara (Alba) 2010.

Ann an aithisg don Phàrlamaid Albannaich, mhol Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) agus buidheann chomhairleachaidh thar-Bhreatainn an Joint Nature Conservation Committee, 33 sgìrean airson an comharrachadh mar MPA.

Chaidh ceithir sgìrean a bharrachd a chur ris an àireimh sin, gus dìon a chur air leumadairean, mucan-mara agus cearbain, a thuilleadh air eòin mhara.