Dùil ri fios air Càbal a' Chuain Sgith

  • 14 An Dùbhlachd 2012
Crainn-ghaoithe
Image caption Bheir an càbal dealan bho sgeamaichean sna h-Eileanan gu ruige a' Ghriod Nàiseanta air Tìr Mòr.

Bu chòir gun tig fuasgladh air an dòigh air adhart airson càbal-mara a chur fon Chuan Sgith anns na mìosan às dèidh na Bliadhna Ùire.

Chaidh buidheann-obrach riaghaltais a' stèidheachadh air a' mhìos a dh'fhalbh, 's thathas an dòchas gun lean sin gu moladh airson ìsleachadh a thoirt air na cosgaisean a bhios na lùib.

"Tha an càbal-mara gu bhith cudromach dha pròiseact sam bith cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan," thuirt stiuiriche leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair.

"Airson an cumhachd a thoirt air falbh dhan mhargaid air Tìr Mòr, feumaidh sinn an càbal seo, agus tha sinn dòchasach gum faic sinn beagan dòchais a' tighinn toiseach na bliadhna ùire air sin.

"Bidh a luchd-eòlais a th' anns a' bhuidhinn-obrach aig an Riaghaltas a' coimhead air a' chùis, agus a' tighinn gu co-dhùnadh anns a' chiad chairteal den bhliadhna ùir.

"Bidh sinne an dòchas, mus tig am Màrt an ath-bhliadhna, gum bi fiosrachadh math ann agus gun tig fuasgladh air a' chùis seo, agus gum bi freagairtean gan cur air a' bhòrd airson na cosgaisean a thoirt a-nuas," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile