Ceannard Phoileas ùr na Gàidhealtachd air ainmeachadh

  • 13 An Dùbhlachd 2012

Chaidh a dhearbhadh gur e an t-Àrd-Superintendent Julian Innes a thèid a chur an ceann roinn phoilis ùir na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bidh an roinn an urra ri obair nam poileas anns an sgìre a th' air a còmhdachadh le Poilis a' Chinn a Tuath an-dràsta.

Tòisichidh e san dreuchd nuair a bhios a h-uile feachd poilis an Alba air an cur còmhla mar aon fheachd nàiseanta sa Ghiblean.

Chaidh an t-Àrd-Superintendent Innes an lùib Phoileas a' Chinn a Tuath ann an 1988, agus e air a bhith stèidhichte ann an Coit a' Ghartain, an t-Eilean Sgitheanach, Gallaibh agus Cataibh, a thuilleadh air prìomh oifisean an fheachd ann an Inbhir Nis.

Tha e cuideachd air a bhith an lùib Sguad Eucorra na h-Alba ann an Glaschu, agus air teagasg aig Colaiste nam Poileas ann an Tullaich Ailein ann am Fìobha.