HIE airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh

Inbhir Nis Tha HIE ag ràdh gu bheil ioma-chultarachd, leis a' Ghàidhlig na measg, gu mòr gu maith na Gàidhealtachd.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' cur romhpa a' Ghàidhlig a bhith mar phàirt de sgìre ioma-chulturail agus ioma-chànanach.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil in-imrich à dùthchannan agus culturan eile a' cur gu mòr ris an sgìre, agus gum faod sin cur ri leasachadh na Gàidhlig.

Anns a' phlana ùr Ghàidhlig aca, tha iad airson 's gum bi cànan dùthchasach na sgìre na pàirt cudromach dheth sin.

'S ann airson nan còig bliadhna a tha romhainn a tha am plana ùr.

Tuairisgeul Obrach

Tha iad a' cur romhpa an cànan a bhrosnachadh ann an gnìomhachas, leithid ainmean Gàidhlig air stuth a tha companaidhean na sgìre a' reic, mar phàirt cudromach ann am margaidheachd gus airgead a dhèanamh dhan eaconamaidh.

Tha iad cuideachd ag amas air a' Ghàidhlig a neartachadh sna h-oifisean aca fhèin.

Cuiridh iad mar phàirt den tuairisgeul obrach, airson a h-uile dreuchd aig HIE, gu bheil a' Ghàidhlig "miannaichte." Tha iad ag ràdh nach eil eagal orra gun cuir sin daoine dheth.

"Gu tric nuair a bhruidhneas sinn air a' Ghàidhlig, bidh daoine a' togail cheistean mu 'o uell, tha sibh a' bruidhinn mun Ghàidhlig, ach tha Pòlannaich ann cuideachd, agus Àisianaich ann,' agus tha mi a' smaointinn gu bheil sin mar phàirt den chultar ioma-chultarail a th' againn an-dràsta ann an dòigh," thuirt Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig HIE, Bria Mason, a bhuinneas i fhèin do Wisconsin, sna Stàitean Aonaichte.

Start Quote

Bidh cuid de ghìomhachasan a' cur ainmean Gàidhlig air biadh, 's iad a' faireachdainn gu bheil sin mar seòrsa USP no "unique selling point”

End Quote Bria Mason Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, HIE

"Tha cultar na Gàidhlig sònraichte, oir tha e a' buntainn dhan àite, agus tha e mar phàirt de cò sinne.

"Ach an dòigh smaointinn dà-chànanach, gu bheil a' Bheurla againn, agus gu bheil a' Ghàidhlig againn, ann an dòigh tha mi a' smaointinn gu bheil sin ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine a thig a-steach, aig a bheil cànan eile, gu bheil cuid de dhaoine an seo a' tuigsinn mar thà dè th' ann an ioma-chànanas, agus dè th' ann an ioma-chultarachd," thuirt i.

Mar chiad cheum a dh'ionnsaigh buannachd eaconamach fhaighinn às a' Ghàidhlig do ghnìomhachasan, tha iad a' dol a dhèanamh rannsachaidh còmhla ri buidhnean eile.

"Tha sinn ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu na dòighean sa bheil a' Ghàidhlig mar thà a' toirt taic do ghnìomhachasan agus do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd, agus fiù 's Alba," thuirt Bria Mason.

"Tha sinn airson am fiosrachadh sin a sgaoileadh, agus a thoirt do ghnìomhachasan.

"Oir bidh cuid de ghìomhachasan a' cur ainmean Gàidhlig air biadh, 's iad a' faireachdainn gu bheil sin mar seòrsa USP no "unique selling point."

"Tha sinn airson am fiosrachadh sin a thoirt còmhla agus an uair sin a thoirt do ghnìomhachasan eile, gus an urrainn dhaibhsan an aon sheòrsa rudan a dhèanamh," thuirt i.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.