Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sanasachd Tombaca

Chuir Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte às do thagradh bho Imperial Tobacco, a bha a' cur an aghaidh casg a tha Riaghaltas na h-Alba a' feuchainn ri chur air sanasachd fhollaiseach air tombaca sna bùthainnean. Thuirt na britheamhan gum faod an casg, a chaidh a stèidheachadh ann an Achd Pàrlamaid Albannach ann an 2010 seasamh. Tha Imperial Tobacco, aon de na companaidhean tombaca as motha a th' ann, a' cumail a-mach nach eil gnothach aig Riaghaltas na h-Alba casg a chur an sàs, seach gu bheil na cùisean sin fo smachd Westminster. Faodaidh Riaghaltas na h-Alba an casg a chur an sàs a-niste nuair a thogras iad.

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh dhaoine gun chosnadh ann an Alba, agus anns an Rìoghachd Aonaichte air fad. Bha 19,000 nas lugha gun obair ann an Alba eadar an Lùnastal agus an Damhair, sìos gu 204,000. Tha sin an dèidh naoi mìosan de dh'àrdachadh. Air feadh Bhreatainn chaidh an àireamh sìos 82,000 eadar an Lùnastal agus an Damhair, gu beagan a bharrachd air 2.5 millean. Tha 11 bhliadhna ann bho thuit an àireamh cho mòr thairis air trì mìosan.

Coirea a Tuath

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, am measg na tha a' càineadh Coirea a Tuath, a rinn deuchainn le rocaid a chur dhan iarmailt a dh'aindeoin rabhaidh bho dhùthchannan eile gu bheil sin an aghaidh riaghailtean eadar-nàiseanta. Tha Coirea a Tuath ag ràdh gur e pàirt de phròiseact sìtheil a tha seo airson saideal a chur gu fànais. Thuirt Mgr Hague gu bheil e a' cur fios air Tosgaire Choirea a Tuath gu còmhraidhean ann an Lunnainn.

Pat Finucane

Thèid ath-sgrudadh air murt an fhir-lagha Chaitligich, Pat Finucane, ann am Béal Feirste bho chionn còrr is 20 bliadhna fhoillseachadh an-diugh. Thug luchd-gunna Dìlseach ionnsaigh le gunna air Mgr Finucane na dhachaigh ann an 1989. Tha Riaghaltas Bhreatainn, a dh'iarr an t-ath-sgrùdadh seo, air aideachadh mar thà gun robh gnothach gu ìre air choireigin aig na seirbheisean brathaidh ris a' mhurt. Tha teaghlach Mhgr Finucane ag ràdh nach eil ath-sgrùdadh gu feum sam bith, agus gur e làn-rannsachadh poblach a tha a dhìth.

Tuath-gaoithe Thiriodh

Chuir Scottish Power Renewables dàil airson bliadhna air a' phlana a th' aca airson tuath-gaoithe aig muir faisg air Tiriodh. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad airson tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air buaidh na sgeama air an àrainneachd. Tha dragh air buidhnean glèidhteachais gun toireadh e droch bhuaidh air cearbain agus air eòin.

Tubaist-rathaid

Chaidh dithis a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis an dèidh tubaiste air rathad an A862 eadar Inbhir Nis agus a' Mhanachainn sa mhadainn an-diugh, faisg air Innis Mòr. Tha an rathad dùinte, agus tha Poilis a' stiùireadh trafaig. Chan eil an còrr fios ann an-dràsta mun dithis a tha san ospadal.