Taic-airgid do thidsearan

  • 12 An Dùbhlachd 2012
Bòrd na Gàidhlig Image copyright other
Image caption Gheibheadh daoine taic-airgid £5-8,000 fad bliadhna airson an trèanadh mar thidsearan.

Dh'fhaodadh gum faigh cuid de dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig taic-airgid son an cuideachadh trèanadh fhaighinn.

Bidh suas ri £8,000 ri fhaotainn son gach neach.

'S iad Bòrd na Gàidhlig a tha air cùl an sgeama, agus 's iad feadhainn aig a bheil ceum mar thà, agus a tha fileanta gu ìre, aig am bi cothrom an t-airgead fhaighinn.

"Chaidh aontachadh gu bheil sin a' dol a thoirt taic dha daoine a tha mar thà le ceum, le na h-uidhir de Ghàidhlig, agus a bhiodh deònach a dhol a-steach airson trèanadh a bhith nan tidsearan Gàidhlig," thuirt Mgr MacAoidh.

Na h-Oilthighean

"Agus bhiodh sinn deònach taic-airgid a thoirt dhaibh airson aon bhliadhna - 's e cùrsa bliadhna a bhiodh ann - airson an cuideachadh leis an trèanadh.

"Agus dh'aontaich sinn cuideachd sgeama ùr a chur a-mach airson bogadh dhaoine a tha ag iarraidh, a-rithist, a dhol a-steach gu teagasg.

"Bidh sinn a' foillseachadh a-rèiste a dh'aithghearr, gu bheil sinn ag iarraidh na h-oilthighean a thighinn air adhart airson cùrsa den t-seòrsa sin a dhealbh, gus am biodh daoine an uair sin comasach air a dhol a-steach leis na h-uidhir de Ghàidhlig, agus a thighinn a-mach aig a' cheann thall comasach air teagasg.

"Dh'obraicheadh e caran coltach ris an sgeama a th' ann an-dràsta airson daoine a thrèanadh airson nam meadhanan.

"Bitheas ag iarraidh air daoine cur a-steach airson an sgeama, bitheas a' dèanamh measadh air dè cho freagarrach 's a tha iad air a shon.

"Agus ma thig iad troimhe sin, 's ma gheallas iad a dhol a dh'obair, 's ann eadar £5,000 agus 's dòcha £8,000 sa bhliadhna de thaic a gheibh iad airson ann cuideachadh airson faighinn a-steach gu teagasg," thuirt e.

Dhearbh am Bòrd cuideachd cuideachd gu bheil iad ag amas air tidsearan Gaidhlig a chuideachadh gu dreuchdan mar Leas Cheannardan agus Ceannardan Sgoile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile