Dragh mu sheirbheis itealain-eiridinn Chinn Tìre

  • 11 An Dùbhlachd 2012
Ceann Loch Chille Chiarain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha tighinn air cuid de dh'euslaintich feitheamh trì làithean a bharrachd san ospadal 's iad a' feitheamh air carbad-eiridinn dhachaigh.

Tha fear de BhPA na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag iarraidh mìneachaidh bho NHS na Gàidhealtachd air carson a tha iad a-nis a' diùltadh lioft a thoirt do dhaoine à Cinn Tìre eadar baile Ghlaschu agus port-adhair a' bhaile nuair a chleachdas iad an t-itelan-eiridinn.

Tha Jamie MacGriogair ag ràdh gu bheil atharrachadh ann am poileasaidh a' fàgail nach eil dol às aig cuid ach carbad-eiridinn, seach itealan, a chleachdadh airson tilleadh gu Ceann Loch Chille Chiarain, mur a bheil duine san teaghlach aca saor airson an toirt gu Port-Adhair Ghlaschu.

Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil dàil ann a bhith a' faighinn carbaid-eiridinn airson an toirt dhachaigh a' fàgail gum feum cuid de dh'euslaintich fuireach suas ri trì làithean nas fhaide san ospadal.

Tha dragh air Mgr MacGriogair gun toir am poileasaidh seo buaidh air cho seasmhach 's a tha seirbheis itealain-eiridinn Chinn Tìre, agus nas lugha de dh'euslaintich a' cleachdadh an itealain.

"Bidh mi a' togail na cùise seo le Àrd-stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, agus Rùnaire a' Chaibineit airson na Slàinte, Ailig Neil," thuirt Mgr MacGriogair.

"Bha an siostam a bh' ann, fo am faigheadh euslaintich a bha a' tilleadh dhachaigh a Cheann Loch Chille Chiarain a' faighinn lioft gu Port-adhair Ghlaschu ag obair gu math agus gu h-èifeachdach, 's cha robh euslaintich a bha deiseil airson a dhol dhachaigh a' fuireach san ospadal na b'fhaide gun adhbhar," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile