Blazin' Fiddles airson a dhol "Cruinneil"

  • 11 An Dùbhlachd 2012
Blazin' Fiddles
Tha an còmhlan air cluich thall thairis roimhe, ach 's e ceum nas fhaide a tha seo.

Tha an còmhlan ciùil ainmeil Blazin' Fiddles am beachd an sgiathan a thogail 's a dhol eadar-nàiseanta.

Tha iad a' sireadh manaidseir ùir airson an còmhlan a ruith, 's gu sònraichte airson am "brand" aca a sgaoileadh air feadh an t-saoghail.

Mar phàirt cudromach dheth sin, tha iad an dùil tursan a chur air chois gu bitheanta ann an dùthchannan thall thairis.

Tha fèill mhòr air a' chòmhlan am measg dhaoine leis an toil ceòl traidiseanta Gàidhealach air nòs ùr.

Taobh a' Ghnothachais

Ged a chluich iad thall thairis roimhe, tha an ceum ùr seo gus an toirt gu aire na Roinn Eòrpa, 's Aimeireaga gu cunbhalach.

"Bha feum againn air beagan atharrachaidh a dhèanamh," thuirt fear de bhuill a' chòmhlain, Ailean MacEanraig.

"Tha sinn a' coimhead a-nis airson duine ùir.

"Tha ùidh againn ann a bhith a' dol air ais air turas ann an dùthchannan cèine 's mar sin air adhart.

"Tha sinn air a bhith trang air tursan tro Shasainn air fad agus Alba, tha mi a' creidsinn deich bliadhna a-niste, agus bhiodh e math a bhith a' dol air ais dha na Stàitean 's Canada, agus àiteachan mar sin," thuirt e.

Tha fear a th' air a bhith gu mòr aig aghaidh a' chòmhlain, Bruce MacGriogair, ag ràdh gur e leasachadh a tha seo a thig air a h-uile còmhlan soirbheachail ma tha iad airson cumail a' dol.

"Feumaidh tu an còmhnaidh a bhith ag ùrachadh sa ghnìomhachas seo," thuirt e.

"Tha sinne dha-rìribh ag iarraidh èibhleag a chur fo ar tòin, 's a bhith gar togail air adhart gu ìre ùir tha mi a' smaointinn.

"Tha sinn airson plana còig bliadhna a chruthachadh feuch ciamar a thig leasachadh air a' chòmhlan.

"Chan eil an ceòl na thrioblaid do dhuine sa chòmhlan. Ach 's e rud anns a bheil eòlas a dhìth oirnn a th' ann an taobh a' ghnothachais dheth," thuirt e.

Thathas a' tuigsinn gu bheil tagradh no dhà air tighinn air adhart airson na h-obrach mar thà - fear dhiubh air tighinn à ceann a deas na Spàinne.

Feumaidh ge b'e cò a gheibh an dreuchd a bhith comasach air caochladh rudan a dhèanamh - eadar a bhith a' ruith gnìomhachais 's a' reic lèintean-T 's eile, a' dealbhachadh a' phlana airson an leudachaidh eadar-nàiseanta 's a' cur nan tursan air dòigh, agus cuideachd a' ruith chlàran a' chòmhlain.

"Tha mise den bheachd gu bheil trì pàirtean san obair seo," thuirt Ailean MacEanraig.

"Ag obair air an taobh ghnìomhachais againn, agus an dara pàirt, bhiodh tu a' cur tursan ri chèile an seo agus fada air falbh cuideachd.

"Agus am pàirt mu dheireadh, a' cur air dòigh chlàraidhean ùra againn agus a' toirt a-mach an ainm Blazin' Fiddles," thuirt e.