Baile beag ùr gus daoine a thàladh chun na Hearadh?

  • 11 An Dùbhlachd 2012
Taobh Siar na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha feum aig an sgìre air teaghlaichean òga.

Tha Urras Taobh Siar na Hearadh a' dèanamh adhartais le planaichean gus baile beag a thogail anns an sgìre.

Tha a' chiad ìre dhealbhachaidh airson ochd taighean agus ionad coimhearsnachd aig Rubha Ròmagaidh, faisg air Horgabost, a' tighinn gu crìch, 's iad ag amas air àrdachadh a thoirt air àireamh shluaigh na sgìre.

Chaidh beachd a' phobaill a shireadh mu na planaichean, 's thèid iad sin a thoirt a-steach dhan dàrna ìre den obair dealbhachaidh.

Tha sluagh taobh siar na Hearadh air crìonadh gu mòr sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, agus chan eil ach glè bheag de chloinn sa choimhearsnachd.

Sealbh-roinnte

Tha ceist an-dràsta mu sgoil na sgìre, ann am baile Sheileaboist, agus dùil ri co-dhùnadh an ath-bhliadhna co-dhiù shoirbhich le ath-thagradh laghail a rinn Riaghaltas na h-Alba an aghaidh co-dhùnadh Comhairle nan Eilean Siar an sgoil a dhùnadh.

"Tha sinn air planaichean a chur an sàs airson togalach airson na coimhearsnachd far am bi àite airson cruinneachadh, agus cuideachd faisg air an togalach, tha iad an dòchas gum bi 's dòcha liosan air màl againn, agus 's dòcha aonadan-seirbheis airson charabhanaichean an lùib na talmhainn sin cuideachd," thuirt Rhoda NicDhòmhnaill, bhon Urras.

"Tha sinn an dòchas gum bi taighean 's dòcha air màl, no taigheadas sealbh-roinnte, cuideachd gan togail anns an àite sin.

"Chan eil mòran taighean ann an seo gan reic, agus an fheadhainn a tha gan reic, tha iad gu math daor.

"Chan eil e comasach do theaghlaichean òga na taighean a cheannach.

"Tha sinn an dòchas leis na taighean air màl, no 's dòcha sealbh-roinnte, gum bi e furasta do theaghlaichean fuireach anns an àite, no 's dòcha daoine òga a thàladh air ais dha na Hearadh.

"Tha sia làraichean mar thà air an gabhail le daoine, cuid dhiubh às an àite, agus feadhainn eile a tha airson tighinn a dh'fhuireach dha na Hearadh.

"Faisg air Rubha Ròmagaidh, tha sinn an dòchas cuideachd gum bi dà làraich eile ann an sin anns na bliadhnaichean a tha ri thighinn.

"'S e aon de na h-àiteachan as bòidhche anns na Hearadh a th' anns an taobh sin den eilean. Na seallaidhean a' coimhead a-null gu Tarasaigh, cha b'urrainn na b'fheàrr fhaighinn.

"Tàlaidh sin, chanainnsa, daoine dhan àite. Bidh iarrtas mòr air taighean anns an àite sin.

"Bhiodh e math daoine fhaighinn dhan àite a bhiodh an sàs ann an rudan sa choimhearsnachd, agus 's dòcha dìreach a' cur ris an àite.

"Bhiodh e math teaghlaichean òga cuideachd fhaicinn anns an àite," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile