Buidheann Ath-leasachaidh an Fhearainn sna h-Eileanan Siar

  • 11 An Dùbhlachd 2012
Leòdhas
Cheannaich a' choimhearsnachd Oighreachd Ghabhsainn ann an 2007.

Tha Buidheann Ath-Sgrùdaidh Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn an-dràsta a' tadhail air Leòdhas agus na Hearadh 's iad a' sgrùdadh ciamar a thug an Achd taic do choimhearsnachdan a cheannaich am fearann dhaibh fhèin.

Tha iad cuideachd airson faighinn a-mach ciamar a dh'fhaodadh an Achd an tuilleadh taic a thoirt do sgìrean iomallach agus coimhearsnachdan anns na bailtean mòra.

Bidh a' bhuidheann a' coinneachadh ri Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an ceann a tuath Leòdhais Dimàirt, mus cùm iad coinneamhan poblach air Tairbeart na Hearadh feasgar Dimàirt, 's ann am Banabhaidh, Loch Abar, feasgar Diciadain.

Chuir Agnes Rennie bho Bhòrd stiùiridh Urras Oighreachd Ghabhsainn fàilte air sgrùdadh na buidhne.

Dà Shlighe

"2007, bho chionn sia bliadhna a cheannaich sinne am fearann," thuirt i.

"Tha mi a' smaointinn gur e an rud a tha iad gu math dèidheil air faighinn a-mach, 's e dè dìreach an dòigh san do chleachd sinn an lagh mar a bha e an uair sin airson cuideachadh leis am fearann a cheannach, agus bho fhuair sinn am fearann, dè tha e air a bhith a' ciallachadh, dè an taic a th' air a bhith ann, agus dè an diofar a tha e air a dhèanamh?

"Ràinig sinne aonta leis an uachdaran a bh' ann aig an àm. Ach 's e an rud a bha sònraichte tha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn an t-suidheachaidh a bh' againn ann an Gabhsann gun do rinn sinn iarrtas airson cuideachadh tron lagh, ach aig a' cheart àm bha sinn an dòchas, agus bha sinn ann an còmhradh leis na h-uachdarain a bh' ann aig an àm, airson nach tigeadh oirnn an ceum sin a ghabhail.

"Ach 's i fìrinn na cùise gun robh an dà shlighe a bha sin againn, gan cleachdadh, suas cha-mhòr chun an là mu dheireadh.

"Bho seo a-mach, chan e rud furasta a bhios ann ann an dòigh sam bith, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin as coireach gu bheil a' bhuidheann a tha seo a' coimhead ris an Achd mar a tha e san iomlan.

"Agus a' coimhead ri dè tha ag obrachadh, dè nach eil ag obrachadh, dè dh'fhaodadh obrachadh ann an suidheachaidhean eile.

"Agus 's e rud inntinneach cuideachd a tha air a chur romhpa coimhead ris, dè 's dòcha mar a dh'obraicheadh e ann an suidheachadh a' bhaile mhòir?

"Chan eil e furasta, 's cha bu chòir dha a bhith furasta, airson aig deireadh an là, chan ann a' dol an sàs ann am pròiseact trì bliadhna a tha thu leis an rud.

"'S ann a tha thu a' bruidhinn air rud, ma dh'obraicheas e ceart, a tha gu buannachd a' ghinealaich a tha seo sa bheil sinne an-diugh, agus nan linntean a tha romhainn," thuirt i.