Comhairliche fo chasaid mu chosgaisean

  • 10 An Dùbhlachd 2012
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha Mgr MacLeòid air a bhith a' bruidhinn sa Ghàidhlig às leth na Comhairle.

Tha fear-labhairt na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Ailig MacLeòid, air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba fhàgail, an dèidh do na poilis casaidean a chur air an lùib chosgaisean taghaidh.

Tha Mgr MacLeòid a' riochdachadh sgìre ann an Gallaibh air a' Chomhairle.

Tha Mgr MacLeòid 20 bliadhna de dh'aois a-nis, 's nuair a chaidh a thaghadh b' e an comhairliche a b' òige riamh air a' Ghàidhealtachd.

Dhearbh ceannard an SNP air a' Chomhairle, Drew Hendrey, gun robh Mgr MacLeòid air am pàrtaidh fhàgail.

Thuirt labhraiche às leth Poilis a' Chinn a Tuath: "Chaidh fios a chur air Neach-casaid a' Chrùin mu fhireannach, 20 bliadhna de dh'aois, co-cheangailte ri casaidean fo Achd Riochdachaidh nan Daoine 1983, agus eucoirean co-cheangailte ris."

Bhuannaich Mgr MacLeòid an seat aige aig an taghadh sa Chèitean, nuair a bha e 19.

Thathas a' tuigsinn gun deach fios a chur air Mgr MacLeòid Disathairne às dèidh mar a fhuair na Poilis gearain mu a chosgaisean, 's gun do chuireadh casaidean air Didòmhnaich.

Leanaidh e air na chomhairliche fhad 's a tha a' chùis a' dol air adhart, ach cha bhi bhòta aige ann an coinneamhan chomataidh, leis nach e ball de phàrtaidh a th' ann tuilleadh, 's nach e comhairliche neo-eisimeileach a th' ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile