Dragh mu shailleadh sna Hearadh

  • 10 An Dùbhlachd 2012
Làraidh saillidh
Tha daoine air a bhith a' gearain ann an grunn sgìrean mun phoileasaidh.

Tha comhairliche às na Hearadh ag iarraidh coinneimh le Comhairle nan Eilean Siar san aithghearrachd airson bruidhinn mu shailleadh nan rathaidean.

Tha Catriona Dhòmhnallach ag iarraidh gun tèid coimhead ris a' phoileasaidh a th' ann atharrachadh seach gu bheil daoine ann an cunnart air na rathaidean nuair a tha reothadh ann.

Tha mì-thoileachas air nochdadh ann an grunn sgìrean de na h-Eileanan Siar o chionn ghoirid mu mar a tha na rathaidean gan sailleadh leis a' Chomhairle.

Tha gearainnean ann gu bheil cuid de rathaidean a tha gu math trang air Prìomhachas 2 fhaighinn, seach Prìomhachas 1.

Tha càraichean air tighinn far an rathaid ann an cuid de sgìrean ri linn seo, a rèir feadhainn a th' air gearainnean a thogail.