Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tsunami

Thàinig tsunami mu thrì troighean de dh'àirde air tìr ann an ceann an ear thuath Iapan àn dèidh crìth-thalmhainn làidir a-muigh aig muir. Chaidh sluagh a ghluasad às na bailtean gu talamh nas àirde ach aig an ìre seo tha e coltach nach deach cus milleadh a dhèanamh. Thug a' chrith-thalmhainn crathadh air toglaichean anns a' phrìomh bhaile, Tokyo.

Typhoon

Thuirt oifigich anns na Philippines gu bheil dearbhadh ann a-nise gun deach còrr 's 400 duine a mharbhadh ann an stoirm typhoon aig toiseach na seachdain. Tha na ceudan eile a dhìth. Dh'fhàg an stoirm tuilltean mòra agus chaidh taighean a thiodhlaigeadh fo uisge agus poll.

Èirinn a Tuath

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Hillary Clinton, a' tadhal air Èirinn a Tuath an-diugh àn-dèidh oidhche eile de dh'àimhreit agus dìlisich a' gearain air co-dhùnadh nach bi bratach an aonaidh os cionn talla a' bhaile ann am Béal Feirste a h-uile là. Dh'iarr poilis air ball-pàrlamaid thaobh sear Béal Feirste, Naomi Long, a dachaidh fhàgail àn-dèidh maoigheadh gu bheil i ann an cunnart a beatha. Tha ise na ball den phàrtaidh Alliance a bha measg na bhòt 'son bratach an aonaidh a thoirt a-nuas a' mhòr-chuid den ùine.

Coinneamhan

Bidh trì coinneamhan ann aig toiseach na seachdain seo tighinn 'son buidheann a stèidheachadh a ghluaiseas air adhart le Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh agus Eilean Bhearnaraigh a cheannach dhan choimhearsnachd. Chaidh iarraidh air nas urrainn de mhuinntir an àite a dhol dha na coinneimhean ann Talla an t-Òib, Ionad nam Bàgh agus an Talla Coimhearsnachd Bhearnaraigh, oidhche Luain, ge bith a bheil iad ag aontachadh ris a' phlana neo nach eil.

Sanasan

Tha sreath de shanasachd telebhisein a' tòiseachadh an-diugh agus Bòrd na Gàidhlig a' feuchainn ri tidsearan a thàladh gu foghlam Gàidhlig. Tha am Bòrd ag amas air an àireamh chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhùblachadh, ach tha am Bòrd ag aideachadh nach eil fios aca cia mheud tidsear ùr a bhiodh a dhìth airson sin.

Aran

Tha rabhadh ann gum bi an t-aran gu math nas daoire le buaidh aimsir fhliuch air bàrr. Tha Comunn nan Sàr Bheicear ag ràdh gu bheil iad a' pàigheadh £50 an tunna a bharrachd air fliùr an-dràsta agus gum bi a' chosgais sin a' tuiteam air prìs an arain agus air bèicearachd anns na bùithtean.