Co-chomhairleachadh mu BhSGI

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Chan eil ceannard làn-ùine air a bhith aig an sgoil bho 2009.

Thèid co-chomhairleachadh a chumail am measg phàrantan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis feuch dè an ath-cheum ann a bhith a' fastadh ceannaird sgoile.

Chaidh coinneamh de phàrantan, tidsearan agus riochdairean comhairle a chumail oidhche Chiadain, agus an sgoil an-dràsta gun cheannard.

Chan eil ceannard làn-ùine air a bhith aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis bho 2009, agus b' e amas na coinneimh pàrantan a thoirt ri chèile le aon ghuth air an t-slighe air adhart dhan sgoil.

Chaidh càineadh a dhèanamh aig a' choinneimh air iomairt a rinn cuid de phàrantan anns na meadhanan sòisealta a bha ag ràdh gun robh e riatanach gum biodh a' Ghàidhlig aig ceannard sam bith a dheadh fhastadh chun na sgoile.

Toiseach-tòiseachaidh Ùr

Chaidh aontachadh gun obraicheadh na pàrantan air fad le co-chomhairleachadh Comhairle na Gàidhealtachd mun dòigh as fheàrr airson an obair a shanasachd.

Tha ceist ge-tà, an cuir an co-chomhairleachadh an tuilleadh maill air a' phròiseas agus an sgoil an-dràsta gun cheannard uile gu lèir.

Bha coltas brosnachail air cùisean às dèidh na coinneimh, a rèir fhir de na pàrantan a bha an làthair, Toby Stainton:

"Tha mi a' smaointinn gun robh dìth breithneachaidh an lùib na h-iomairt air na meadhannan sòisealta.

Start Quote

Bha e gu math follaiseach gu bheil pàrantan anns an sgoil an seo gu bheil ùidh mhòr aca anns an sgoil, agus gu bheil iad ag iarraidh a bhith a' cuideachadh agus a' toirt misneachd dha obair na sgoile air fad.”

End Quote Aonghas MacLeòid Comhairle nam Pàrant

"Cha chreid mi gur ann san dòigh a b'fheàrr a rinneadh e.

"Saoilidh mi gun robh a' choinneamh fhèin caran brosnachail.

"Bha daoine a' bruidhinn gu math, 's gu h-ealanta, agus 's e am prìomh rud a thàinig àiste, gu bheil cùram mòr air na pàrantan 's an luchd-obrach airson na sgoile, 's gu bheil fìor-fhaireachdainn coimhearsnachd an seo," thuirt e.

Tha beachd ann cuideachd gun toir am buaireadh a th' air a bhith ann cothrom don sgoil tòiseachadh as ùr.

"Tha mi an dòchas gur e sin a bhios ann," thuirt Cathraiche Comhairle nam Pàrant, Aonghas MacLeòid.

"Bha e gu math follaiseach gu bheil pàrantan anns an sgoil an seo gu bheil ùidh mhòr aca anns an sgoil, agus gu bheil iad ag iarraidh a bhith a' cuideachadh agus a' toirt misneachd dha obair na sgoile air fad.

"Agus mar sin, tha sinn an dòchas gur e toiseach-tòiseachaidh a tha seo.

"'S e sgoil mhìorbhailleach a tha seo. Deagh thidsearan, deagh sgoilearan, agus faodaidh mi a ràdh deagh phàrantan ann cuideachd, agus tha sinn uile ag iarraidh a bhith ag obair còmhla airson maith na sgoile," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.