Dragh mu shailleadh ann an Uibhist

Làraidh-saillidh Tha ceist mu choinneamh mar a tha a' Chomhairle a' comharrachadh rathaidean airson saillidh.

Tha dragh ann an Uibhist mu phoileasaidh Comhairle nan Eilean Siar diofar ìrean de phrìomhachais a bhith aca a thaobh rathaidean a shailleadh.

Chaidh càraichean far an rathaid ann an cuid de sgìrean ann an Uibhist Diluain, leis nach ann fon chiad ìre phrìomhachais a tha na rathaidean sin, agus gun robh iad sleamhainn.

Chaidh aontachadh an-uiridh gum biodh cuid de rathaidean a' faighinn prìomhachais nuair a bhios sneachda agus reothadh ann, ach tha cuid a' ceasnachadh am bu chòir sùil eile thoirt air a sin.

Nochd dragh air an t-seachdain seo chaidh nach eil a' chiad ìre de phrìomhachas ga toirt don phrìomh rathad air taobh siar Leòdhais gu lèir nas motha, eadar Calanais agus Nis.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Baile a' ChaolaisSlighe an t-Sionnaich Ruaidh

    Tha murt ainmeil air a' Ghàidhealtachd san 18mh linn a-nise ga chomharrachadh air slighe bhaidhsagalachd ùr eadar An t-Òban is Baile a' Chaolais.


  • UIdheam UVTeas grèine na Gàidhealtachd

    Thèid uidheamachd rèididheachd a stèidheachadh aig Ospadal an Rathaig Mhòr son teas na grèine a chlàradh.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2013 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.