Uàrd dùinte aig Ospadal an Rathaig Mhòir
Tha an tinneas anns a' choimhearsnachd an-dràsta.
Tha uàrd aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis dùinte do dh'euslaintich ùra agus luchd-tadhail, agus tinneas dìobhairt a' Gheamhraidh air sgapadh.
'S e seo an dàrna turas thairis air na seachdainnean mu dheireadh a tha an galair air a bhith anns an ospadal.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do cho-dhùin iad uàrd 3A a dhùnadh ri linn 's gun robh còignear euslainteach leis a' bhuinnich agus a' cur a-mach.
Dhearbh deuchainnean gun robh iad a' fulang le noro-bhìoras. Tha triùir aca fhathast tinn.
Sgap noro-bhìoras anns an ospadal mar thà anns an Damhair agus chaidh uàrd a dhùnadh an uair sin.
Tha e an dèidh a bhith ann an ospadalan eile air a' Ghàidhealtachd cuideachd.
Tha noro-bhìoras an-dràsta anns a' choimhearsnachd agus tha dùil gur e cuideigin a thug a-steach a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir e.
A thilleadh air uàrd 3A a dhùnadh, tha Bòrd na Slàinte ag iarraidh air daoine a th' air a bhith leis a' bhuinnich no a' cur a-mach fuireach air falbh bhon ospadal gu dà là às dèidh dhaibh faighinn seachad air.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~16~RS~)

Iarrtas an àrainneachd a chur air thoiseach air an eaconamaidh
A' cuimhneachadh air Calum Cille
Eileanach a' trèanadh ann an Serbia