Coinneamh mu Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Tha e air faileachadh air a' Chomhairle thuige seo ceannard làn-ùine fhaighinn dhan sgoil.

Bidh pàrantan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' tighinn còmhla oidhche Chiadain ann an oidhirp aonta a ruighinn mun t-slighe air adhart dhan sgoil.

Tha i an-dràsta às aonais cheannaird, agus Annika Jansen, a bha san dreuchd sin gu h-eadar-amail fad cha-mhòr dà bhliadhna, air fàgail.

Bha ise air an dreuchd làn-ùine iarraidh, ach dh'fhàilich oirre an obair fhaighinn agus i gun Ghàidhlig.

Tha duilgheadasan mòra air a bhith aig Comhairle na Gàidhealtachd ceannard le Gàidhlig fhaighinn, rud a dh'iarradh mòran phàrantan.

Bha dùil gun deadh a' choinneamh a chumail nas fhaide den mhìos, ach leis gu bheil sgaradh bheachd ann eadar pàrantan air a' chùis, cho-dhùin comhairle nam pàrantan a cumail nas tràithe feuch rèite a dhèanamh.

Thathas a' tuigsinn gum bi oidhirp ann aontachadh gum faodar tidsear aig nach eil a' Ghàidhlig fhastadh, le gealltannas gum biodh taic ann dhaibh gus an cànan ionnsachadh.

Tha mòran de na pàrantan nach eil nam buill air comhairle nam pàrantan, no ann an Comann nam Pàrantan, agus tha cuid aca gu math mì-thoilichte leis mar a chaidh an gnothach a làimhseachadh leis na buidhnean sin.

Dh'innis aon phàrant dhan BhBC gun robh iad air earbsa a chall anns na buidhnean, agus nach robh ann ach cùis nàire.

Tha dùil ge-tà, gum bi cuid mhòr aca airson an sgaradh bheachd a chur air an cùlaibh, agus iad draghail nach eil e na chuideachadh don sgoil - a th' air a cur air adhart mar eisimpleir de dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig - no don chloinn.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.