Ceist mu phort Steòrnabhaigh

  • 4 An Dùbhlachd 2012
Steòrnabhagh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dragh air Ùghdarras Port Steòrnabhaigh mu phlana son atharrachadh a thoirt air na goireasan aca.

Coinnichidh riochdairean bho Ùghdarras Port Steòrnabhaigh ri Ministear na Còmhdail, Keith Brown, Diciadain, is ceistean orra mu na tha an dàn dhan chaladh nuair a thig bàt-aiseig ùr.

Tha dùil gun tòisich bàta ùr air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh ann an 2014.

Cosgaidh am bàta mu £42m agus bidh i a' giùlain luchd-siubhail agus bathair.

Bidh obair a dhìth aig a' chaladh gus am bi e freagarrach dhan bhàta ùr.

Taic-airgid

A rèir an ùghdarrais, dh'innis am ministear dhaibh nach maoinich an riaghaltas ach "na dh'fheumas de dh'obair bun-structaireil a bhith air a dhèanamh."

Tha an t-ùghdarras a' cumail a-mach gum fàgadh am fuasgladh a tha san amharc nach biodh ach aon àite son a' bhàta ùir aig port Steòrnabhaigh, seach a dhà mar a th' ann son bhàtaichean-aiseig an-dràsta.

Tha dragh orra fon phlana a th' ann gum biodh càraichean is carbadan bathair a' tighinn a-steach is a' fàgail a' phuirt còmhla.

Thog iad teagamh mar sin an dèanadh am bàta ùr a' chùis air cumail ris a' chlàr-ama.

"Tàmailt"

"'S e tàmailt a th' ann gu bheil an riaghaltas an dùil gum pàigh sinn còrr is £1m gus na goireasan againn a lùghdachadh gus am bi iad freagarrach son a' bhàta ùir," thuirt Àrd-Stiùiriche Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Sìne NicÌomhair.

"Chan eil sinne den bheachd gun obraich am plana seo agus gu dearbh tha sinn a' creidsinn gu bheil e stèidhichte air fiosrachadh nach eil ceart.

"Bu chòir dhan riaghaltas èisdeachd ris na beachdan againn," thuirt i.

Thog Ms NicÌomhair ceistean cuideachd mu shàbhailteachd.

"Slàinte is Sàbhailteachd"

"Tha am plana mar a tha e a' bristeadh a' chùmhnaint eadar Ùghdarras Port Steòrnabhaigh agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn Eta (a-nise CMAL is CalMac Ferries Eta) agus tha e a' dol an aghaidh stiùireadh slàinte is sàbhailteachd.

"'S ann a tha an riaghaltas a' feuchainn ri na goireasan a chur air dòigh son an aiseig.

"'S e an dleastanas a th' orra aiseag a chur air dòigh son nan goireasan.

"Tha sinn an dòchas gun gabh am ministear ris na h-argamaidean againn agus gum beachdaich e a-rithist air fuasgladh a bhios freagarrach son Steòrnabhaigh," thuirt i.

Thathas a' feitheamh air freagairt bhon riaghaltas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile