Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pàipearan-naidheachd na h-Alba

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a' dèanamh deasbaid airson a' chiad uair feasgar an-diugh air siostam riaghlaidh dha na pàipearan-naidheachd ann an Alba, an dèidh Aithisg Leveson air a' chùis. Ach tha sgaradh bheachd eadar am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a tha ag iarraidh freagairt Albannaich dhan cheist seach gu bheil na pàipearan-naidheachd fo ùghdarras Pàrlamaid na h-Alba, agus pàrtaidhean eile a th' airson gun gabh Alba ri riaghladh Westminster air a' chùis.

Hunterston B

Thèid leudachadh seachd bliadhna ris an obair aig stèisean cumhachd niuclasaich Hunterston B ann an Siorrachd Àir. Thuirt a' bhuidheann EDF Energy, a tha a' ruith na làraich, gu bheil dearbhadh teicnigeach agus eaconamach ann gun gabh a chumail a' dol gu 2023. Tha Riaghaltas na h-Alba an aghaidh stèiseanan cumhachd niuclasach ùra, ach leagte le leudachadh aig feadhainn a th' ann mar thà.

Siria

Thug an Ceann-suidhe Obama rabhadh do Cheann-suidhe Shiria, Bashar al Assad, gun armachd cheimigeach a chleachdadh an aghaidh feachdan reubaltach a tha a' feuchainn ri faighinn cuidhteas dheth. Tha na Stàitean Aonaichte an amharras gu bheil Siria ag ullachadh armachd cheimigich, ach cha tuirt na h-Aimeireaganaich dè nì iad ma thèid an armachd sin a chur an sàs.

Bana-dhiùc Chambridge

Tha Bana-dhiùc Chambridge san ospadal phrìobhaideach ann an Lunnainn agus i a' fulang le tinneas maidne. Tha e coltach gur e an t-seòrsa as miosa den tinneas sin a th' oirre, an dèidh na naidheachd an-dè gu bheil dùil aice ri leanabh uaireigin mu mheadhan na h-ath-bhliadhna.

Béal Feirste

Chaidh 15 duine de dh'oifigearan poilis a ghoirteachadh ann am Béal Feirste an-raoir, nuair a thòisich àimhreit an dèidh bhòta a tha a' ciallachadh nach bi Bratach an Aonaidh os cionn talla a' bhaile fad na h-ùine. Bha na ceudan de mhuinntir an Aonaidh a' togail fianais an dèidh do chomhairlichean tighinn gu co-dhùnadh nach bi Bratach an Aonaidh am follais ach aig amannan àraid.

Aiseag Mhalaig

Thèid rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air dè na th' ann de dh'iarrtas airson seirbheis aiseig ùir eadar Malaig agus Loch Baghasdail. Dh'iarr buidhnean iomairt ann an Uibhist an rannsachadh, 's iad ag ràdh nach do rinn ath-sgrùdadh Riaghaltas na h-Alba air na seirbheisean aiseig tomhas ceart air seirbheis eadar Uibhist a Deas agus Malaig.