"Chan eil adhbhar" airson tuilleadh sgìrean glèidhte mara

  • 4 An Dùbhlachd 2012
Lìon
Image caption Tha iasgairean gu sònraichte draghail mu bhuaidh nan sgìrean glèidhteachais.

Thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, nach eil adhbhar sam bith ann airson sgìrean glèidhte mara a stèidheachadh mu thimcheall nan Eileanan.

Tha seo a' tighinn às dèidh do cho-bhanntachd de bhuidhnean glèidhteachais air a bheil an Scottish Environment LINK a ràdh gum biodh lìonra de na sgìrean dìon mara na bhuannachd dhan àite.

Thuirt iad gun deadh suas ri £10bn fhaighinn do dh'eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna, agus na sgìrean sgapte air feadh uisgeachan na h-Alba gu lèir.

"Tha mi a' smaointinn nach eil feum air na sgìrean glèidhteachais air a bheil iad a' bruidhinn," thuirt Mgr MacNìll.

Pìos Pàipeir

"Chan eil mi a' tuigsinn idir a' chiad eughach a th' ann gun tig an t-uabhas dhaoine a choimhead air àite mar seo, no gun tig iad thuige o chionn 's gum bi e air a mheas mar àite glèidhteachais.

"An aon rud a tha ag atharrachadh, 's e pìos pàipeir timcheall air an àrainneachd. Chan eil an àrainneachd fhèin ag atharrachadh.

"'S mar sin, ma bha na mìltean 's na milleanan no ge bri' dè bha a' dol a thighinn a choimhead air àite mar seo - bhiodh iad a' tighinn co-dhiù.

"'S e an cunnart a th' ann, mar a tha sinn a' faireachdainn le gu leòr de na rudan mar seo, chan e am pìos pàipeir fhèin ach na daoine a bhios còmhla ris agus na rudan a bhios a' nochadh.

"Cò aige a bhios smachd, agus an tèid casg a chur air daoine a tha a' faighinn beò-shlàint' ann an àite cheanna?

"B'fheàrr leam gum fàgadh iad seo, gun dèanadh iad rudeigin a tha daoine ag iarraidh, seach a bhith a' sparadh rudan air daoine nach eil iad ag iarraidh," thuirt e.