Fear-iomairt
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taic BhP ga h-iarraidh mu RET nan làraidhean

4 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha buidheann-iomairt ghnothachais anns na h-Eileanan Siar air cuideachadh iarraidh air an dithis Bhall Pàrlamaid san sgìre airson stad a chur air àrdachadh de 50% air faraidhean bathair ris a bheil dùil sa Ghiblean an ath-bhliadhna.

Coinnichidh a' bhuidheann ri riochdairean bhon Riaghaltas an ath-sheachdain airson cluinntinn mun rannsachadh a chaidh a dhèanamh air buaidh àrdachadh nam faraidhean bathair am bliadhna.

Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.