Taic BhP ga h-iarraidh mu RET

  • 4 An Dùbhlachd 2012

Tha ìmpidh ga cur air BP nan Eilean Siar taic a chur ri iomairt a tha ag amas air stad a chur air àrdachadh de 50% air faraidhean-bathair sa Ghiblean.

Thèid coinneamh a chumail le riochdairean an Riaghaltais an ath-sheachdain a' bruidhinn air sgrùdadh a rinneadh air buaidh an àrdachaidh mu dheireadh a chaidh a dheànamh air faraidhean-bathair.

Dhiùlt BPA na sgìre, Alasdair Allan, agallamh a dhèanamh air a' chùis, ged a thuirt e gun robh e deònach coinneachadh ris a' Bhuidhinn Ghnothachais a tha os cionn na h-iomairt.

Thuirt Mgr Allan gun robh Riaghaltas na h-Alba mar thà air atharrachaidhean a dhèanamh, agus nan dearbhadh luchd-rannsachaidh gun robh na faraidhean a' dèanamh call, gun togadh e sin leis an Riaghaltas.