Iomairt airson casg-astair nas luaithe do làraidhean

  • 3 An Dùbhlachd 2012
Làraidh Image copyright other
Image caption Bidh an iomairt a' ruith gu deireadh na seachdain.

Chuir dràibhear làraidh às Inbhir Nis iomairt air bhonn Diluain airson an astar aig e bheil làraidhean ceadaichte a bhith a' siubhail àrdachadh bho 40msu gu 50msu.

Tha Conor McKenna ag iarraidh air dràibhearan làraidh cumail gu teann ri 40msu air rathaidean leithid an A9.

Tha Mgr McKenna, a tha 28, ag ràdh gu bheil an t-astar ceadaichte air rathaidean aon-fhillte a' cur a-steach air dràibhearan eile gu mòr, a' toirt air cuid aca dràibheadh gu cunnartach airson faighinn seachad air làraidhean.

Bidh an iomairt a' ruith gu deireadh na seachdain.

Tha Riaghaltas Bhreatainn air co-chomhairleachadh poblach a thòiseachadh air moladh gum bu chòir an t-astar ceadaichte do làraidhean air rathaidean aon-fhillte àrdachadh gu 45msu, no 50msu.

Thuirt ministear nan rathaidean, Stephen Hammond, air a' mhìos a chaidh, gum biodh sruth trafaig nas fheàrr agus ùine siubhail nas giorra nam buannachd mhòr do ghnìomhachas.

Ach tha leas-àrd-stiùirche na buidhne carthannais Brake, Julie Townsend, ag ràdh gu bheil ceangal soilleir ann eadar astar na trafaig agus na bh' ann de thubaistean air na rathaidean.

Bidh co-chomhairleachadh an Riaghaltais air a' cheist, a bheireadh buaidh air mu 280,000 carbad, a' ruith gu ruige 1mh an Gearran.