Comhairliche ùr aig Ùig' 's Ceann a Tuath nan Loch

  • 30 An t-Samhain 2012
Comhairle nan Eilean Siar
Chaidh am fo-thaghadh a chumail às dèidh bàs a' chomhairliche Bill Houston san t-Sultain.

Chaidh Aonghas Moireasdan a thaghadh mar chomhairliche airson sgìre Ùige is Cheann a Tuath nan Loch ann an Leòdhas.

Buinnidh Aonghas Moireasdan do Bhail' Ailein air na Lochan. Bha e roimhe na àrd-stiùiriche air Gaiseat Steòrnabhaigh.

Sheas e mar thagraiche neo-eisimeileach ann am fo-thaghadh airson Sgìre Ùig' is Cheann a Tuath nan Loch, às dèidh bàs a' chomhairliche Nàiseantaich, Bill Houston, san t-Sultain.

Fhuair Mgr Moireasdan, a tha 54 bliadhna de dh'aois, 72% den bhòt, 's e a' faighinn 745 Bhòt Phrìomh Thoil, ann an siostam Bhòt Shingilte Ghluasadaich.

Rinn e a' cùis air Iain Tormod "Orica" Dòmhnallach, a sheas don SNP agus a fhuair 195 bhòt, agus air tagraiche neo-eisimeileach eile, Les Mac an Ultaigh, a fhuair 73 bhòt.

Uile gu lèir, bhot còrr air 40% de na dh'fhaodadh, le 14 duine air am pàipear-baileit a mhilleadh.