Bùth Scalpaigh ga fosgladh

  • 30 An t-Samhain 2012
Scalpaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhosgail a' bhùth sa Chèitean, ach 's ann air an 1mh là den Dùbhlachd a bhios am fosgladh oifigeil.

Fosglaidh bùth Scalpaigh gu h-oifigeil air an 1mh là den Dùbhlachd.

Chaidh a' bhùth a cheannachd leis a' choimhearsnachd às dèidh dhi a bhith air a dùnadh ann an 2007.

Bha dragh sa choimhearsnachd mun bhuaidh a bheireadh seo air an àite, is mar sin thòisich iad oidhirp gus an togalach a cheannach agus a' bhùth fhosgladh às ùr.

Shoirbhich leotha agus dh'fhosgail i sa Chèitean, ach 's ann air an 1mh là den Dùbhlachd a bhios am fosgladh oifigeil.

Taing

'''S e rud mòr a bh'ann dhuinn a dhol dhan Tairbeart airson rud sam bith bho bùth," thuirt Mòrag NicLeòid, a bha an sàs san iomairt airson a' bhùth ath-fhosgladh.

''Bha daoine uabhasach duilich nuair a dhùin a' bhùth. Chaidh a fosgladh a-rithist sa Chèitean ach bha sinn a' faireachdainn gum bu chòir dhuinn taing a thoirt dha na daoine a chuidich sinn.

''Tha sinn gu math toilichte leis mar a tha gnothaichean a-nis,'' thuirt i.

'S e Tormod MacLeòid neach-naidheachd North Tonight a bhuinneas do Scalpaigh, a bhios os cionn gnothaich, agus bidh taisbeanadh de sheann deilbh den eilean ri fhaicinn ann an talla na coimhearsneachd.