Diùraich airson bùth an eilein a cheannach

  • 29 An t-Samhain 2012
Bùth Dhiùra ann an Taigh na Creige Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha a' choimhearsnachd an dòchas a' bhùth a ghabhail thairis deireadh a' Mhàirt.

Chaidh bhòt a chumail ann an Diùra oidhche Chiadain, agus muinntir an eilein a' cur taic làidir ri bhith a' ceannach na bùtha ann an Taigh na Creige.

Ma thèid leis a' choimhearsnachd, bheir e dragh gu bheil an t-eilean gus a' bhùth a chall gu crìch.

Tha dragh air a bhith ann bho chionn ghoirid gun dùineadh a' bhùth, agus an fheadhainn a th' air a bhith ga ruith fad 20 bliadhna a-nis airson a reic.

Tha mu 200 duine a' fuireach ann an Diùra, agus 's ann am Port Asgaig ann an Ìle a tha a' bhùth as fhaisge.

Togalach Ùr

Den fheadhainn a bhòt, bha 107 airson a' bhùth a cheannach, le 31 a' cur na aghaidh. Bha aon phàipear baileit air a mhilleadh.

Tha sin a' fàgail gun do chuir 77% an taic ris a' mholadh.

Bha cuid de na chuir an aghaidh a' mholaidh a' faireachdainn gum biodh e na b'fheàrr bùth ùr a thogail, a bhiodh na bu ghoireasaiche.

Cha robh cothrom ge-tà, air iarrtas a chur a-steach airson maoineachadh fhaighinn gus bùth ùr a thogail fhad 's a bha a' bhùth a th' ann fosgailte.

Bha sin air an t-eilean fhàgail gun bhùth fad dà bhliadhna fhad 's a dheadh am pròiseas a dhèanamh fo am faigheadh iad am maoineachadh.

Tha aig ministearan Riaghaltas na h-Alba ri co-dhùnadh a dhèanamh fhathast air a' chùis, mus bi fios aig a' choimhearsnachd co-dhiù faigh iad an t-airgead.

Cuiridh iad cuideachd iarrtasan a-steach airson maoineachaidh dhan Chrannchur Mhòr, agus cuideachd gu Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha a' choimhearsnachd an dòchas a' bhùth a ghabhail thairis deireadh a' Mhàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile