CnES "a' cur airgid ro bheatha dhaoine" a rèir chomhairliche

Làraidh-saillidh Tha Mgr MacLeòid draghail gun adhbharaich am poileasaidh bàs air na rathaidean.

Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar coimhead a-rithist air a' phoileasaidh gun cuid de rathaidean sna h-Eileanan a shaileadh, a rèir fhir de Chomhairlichean Leòdhais.

Tha Dòmhnall "Cudig" MacLeòid ag ràdh gum fàg am poileasaidh clann fadalach airson na sgoile, 's daoine nach fhaigh a dh'obair ann an àm.

Tha e ag ràdh gun tèid fhàgail air a' Chomhairle gu bheil iad a' cur airgid ro bheatha dhaoine.

"'S e poileasaidh a rinn iad anns a' Gheamhradh a chaidh mus tàinig a' Chomhairle seo ri chèile, agus tha iad a' cumail dlùth ris a' phoileasaidh sin," thuirt e.

"Far a bheil na prìomhachasan aca 1 agus 2, agus an Taobh Siar gu lèir, 's e Prìomhachas 2 a th' ann.

"Tha sin a' fàgail tòrr dhaoine a' dol a dh'obair, 's clann a' dol dhan sgoil agus na rathaidean gun salainn no càil orra.

"Tha là a' dol a thighinn 's dòcha a chailleas cuideigin am beatha ri linn 's nach eileas a' cur salainn air na rathaidean," thuirt e.

Tha a' Chomhairle air gearraidhean mòra a chur an sàs thairis air a' bheagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, agus iad an-dràsta a' cumail co-chomhairleachaidh mu ghearraidhean a bharrachd, luach £6m, a dh'fheumas iad a chur an sàs thairis air an ath dhà bhliadhna.

Chaidh labhraiche bhon Chomhairle às àicheadh gu bheil iad a' cur sàbhaladh airgid air thoiseach air beatha dhaoine.

Thuirt iad gu bheil poileasaidh sailidh na Comhairle air fhoillseachadh gu poblach, 's gun gabh a choimhead le duine sam bith.

Thuirt iad gu bheileas a' toirt comhairle do dhaoine a bhith cùramach san dòigh anns a bheil iad a' dràibheadh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.