Beachd gu bheil bàtaichean nan cunnart do leumadairean

  • 28 An t-Samhain 2012
Linne Mhoireibh
Image caption Tha leumadairean air an dìon leis an Aonach Eòrpach.

'S iad na bàtaichean air am bi daoine a' seòladh gus leumadairean fhaicinn, as motha a tha a' cur leumadairean Linne Mhoireibh ann an cunnart, a rèir rannsachaidh a rinn Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH).

Chaidh an rannsachadh a chur air chois airson fiosrachadh fhaighinn mun bhuaidh a th' aig na tha mac-an-duine a' dèanamh san sgìre air na beathaichean.

Chaidh iarraidh air eòlaichean bho Oilthigh Obar Dheathain sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuaidh a th' aig mar a tha daoine a' cleachdadh nan uisgeachan mu chuairt Linne Mhoireibh air na leumadairean fhèin.

Rinn iad measadh air luingeas, cur-seachad, cumhachd ath-nuadhachdail agus gnìomhachas na h-ola.

Le modailean coimpiùtair, rinn na h-eòlaichean tomhas feuch dè an uiread de dhragh a bha soitheachan a' toirt air timcheall air 200 leumadair a tha a' tighinn beò san sgìre.

Dearbhadh

Dhearbh an rannsachadh nach bi bàtaichean a bhios a' leantainn shlighean stèidhichte aig astar cunbhalach, a' cur mòran dragh air na leumadairean.

Ach dh'fhoillsich an rannsachadh gun robh bàtaichean a tha a' giùlain luchd-turais a' sireadh sheallaidh dhiubh, a' toirt buaidh air na beathaichean nuair a tha iad a' gabhail am biadh neo aig fois.

Mhol an aithisg an àireamh de bhàtaichean a th' air an cleachdadh airson cur-seachad a chumail aig an ìre as lugha is urrain.