Tha fireannach fhathast a dhìth air a' Ghàidhealtachd

  • 28 An t-Samhain 2012
Dam Aigeis Image copyright Paul Hookway/Geograph
Image caption Chaidh uidheamachd togail-dealbh a lorg faisg air an dam aig Àigeis.

Thèid oidhirp eile a dhèanamh Diciadain lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth faisg air a' Mhanchainn.

Tha seachdain a-nis bho nach fhacas an duine, a tha 61.

Tha dùil gun deach e a-mach a thogail dhealbhan aig dama Aigeis, agus chaidh uidheaman camara a lorg faisg air sin.

Chuireadh fios Dimàirt air daibhearan poilis a dhèanamh sgrùdadh air earainn de dh'Uisge Fharrair, agus tha coin phoileas 's na h-oifigearan làimhseachaidh aca cuideachd air a bhith a' coimhead air a shon.

Chaidh fios a chur cuideachd air a' bhuidhinn rannsachaidh adhair 'Skywatch' agus sgioba teasairginn an Locha Bhig, à Achadh Dà Dhòmhnaill.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile