Dàil air tuath-gaoithe air Ghàidhealtachd

  • 27 An t-Samhain 2012
Eaglais na Cròice
'S ann faisg air eaglais ainmeil na Cròice a bhiodh an tuath-gaoithe.

Tha comhairlichean air Ghàidhealtachd air dàil a chur ann an co-dhùnadh mu thuath-gaoithe chonnspaideach faisg air crìochan Siorrachd Rois agus Chataibh.

Tha a' chompanaidh, Wind Energy Glenmorie Eta, ag iarraidh cead airson 34 crainn-ghaoithe a chur an-àirde ann an Gleann Chailbhidh.

Tha comhairlichean a-nis a' sireadh tuilleadh fiosrachaidh bhon chompanaidh. Bidh iad a' tadhail air an làraich air 14mh am Faoilleach.

Mhol oifigich dhealbhachaidh nach bu chòir bacadh a chur air an leasachadh.

An toiseach bha a' chompanaidh Wind Energy airson 43 crainn a chur an-àirde.

Ach chaidh an àireamh a lùghdachadh gu 34 crainn ann an oidhirp gus buidhnean a bha an aghaidh an leasachaidh a riarachadh.

A dh'aindeoin sin tha an t-ùghdarras ionadal air còrr is 200 gearain fhaighinn mun phròiseact, le Comhairle Sreapadaireachd na h-Alba ag iarraidh air comhairlean cùl a chur ris an sgeama.

Tha Wind Energy ag ràdh gun cùm an tuath-gaoithe dealan ri 90,000 dachaigh, gun cruthaich e obraichean san sgìre agus gun coisinn e timcheal air £8m dhan choimhearsnachd.

Thuirt oifigich dhealbhachaidh gu bheil grunn thuathan-gaoithe san sgire mar thà, 's iad a' gabhail ris gu bheil dragh air daoine mun bhuaidh air coltas an àite.

Ach tha iad ag iarraidh air comhairlichean am plana a leigeil troimhe, le sreath de chùmhnantan na lùib, agus an co-dhùnadh deireannach fhàgail aig Riaghatas na h-Alba.