Moladh ùghdarrasan a chur còmhla sna h-Eileanan Siar

  • 27 An t-Samhain 2012

Tha seann Fhear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar air a ràdh gum bu chòir sùil a thoirt air an gabhadh a' Chomhairle, Bòrd na Slàinte agus Iomairt na Gàidhealtachd a thoirt còmhla anns na h-Eileanan.

Bha Ailig Dòmhnallach, a leig seachad a dhreuchd mar Chomhairliche ron taghadh as t-Earrach, a' bruidhinn air Prògram Choinnich air BBC Radio nan Gàidheal, ann an deasbad mu atharrachaidhean air ùghdarrasan ionadail.

Tha na h-uidhir de cho-obrachadh ann mar thà eadar diofar bhuidhnean anns na h-Eileanan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile