Seann choille ga lorg ann am fiodh-ghual

  • 27 An t-Samhain 2012
Sùla-bheinn agus craobhan Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha coilltean nàdarra fhathast ann an Asainnte, ach bha uair a bha craobhan eile a' fàs annta.

Tha fiodh-ghual a chaidh a lorg air làraich arc-eòlais air taobh siar na Gàidhealtachd, na fhianais gun robh mòran a bharrachd sheòrsaichean craoibhe a' fàs san sgìre aig aon àm na bhathas a' smaointinn.

Thathas a' dèanamh dheth gur i làrach far am biodh uisge air a ghoil a lorg arc-eòlaichean ann an Sròn a' Chrùbaich ann an Asainnte.

Tha sloc san talamh air an làraich, le clais bheag ga cheangal ri allt a tha ri làimh.

Tha dùil gur ann airson biadh a bhruich, airson daoine a bhith gan glanadh fhèin, no airson sauna a bha e.

Ge b'e dè am feum dhan robhas ga chur, chaidh fiodh-ghual a lorg air an làraich, a tha a' sealltainn gun robh coille le iomadach seòrsa craoibhe a' fàs ann uair dhan robh saoghal.

Thuige seo, chaidh aithneachadh gu bheil fiodh beithe, feàrn, calltainn agus an dàrna cuid droigheann no ubhal am measg na chaidh a losgadh gus am fiodh-ghual fhàgail air an làraich.

Thuirt Gòrdan Sleight, bho Asainnte Eachdraidheil, gun deach an t-uabhas de dh'fhiodh-ghual a lorg ann.

Chaidh a sgrùdadh fo mhicrosgòpan aig Talla Baile Stòir, far am faca iad structar an fhiodha am broinn nam pìosan fiodh-ghuail, 's a dh'aithnich iad na craobhan a bh' ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile