Inbhe na Maraige Duibhe faisg

  • 26 An t-Samhain 2012
Marag Dhubh Steòrnabhaigh
Chan fhaoidte "Steòrnabhagh" a chur air marag nach do rinneadh sna h-Eileanan Siar.

Thathas a' tuigsinn gum bi inbhe dìon air Marag Dhubh Steòrnabhaigh taobh a-staigh seachdainnean.

Thuirt am BPA Làbarach Rhoda Ghrannd, a rugadh ann an Steòrnabhagh, gu bheil co-chomhairleachadh a' Choimisein Eòrpaich air a' chùis cha-mhòr seachad.

Chuir Ms. Ghrannd iomairt air bhonn sa Chèitean airson "inbhe dìon sgìreil" fhaighinn dhan mharaig.

Ma shoirbhicheas leis an iomairt, chan fhaoidte am facal "Steòrnabhagh" a chur air marag mur a b' ann sna h-Eileanan Siar a rinneadh i.