Gealltanas air cumhachd ath-nuadhachdail.

  • 26 An t-Samhain 2012
Crann-gaoithe
Image caption Nì buidheann ùr rannsachadh air cumhachd ath-nuadhachdail sna h-Eileanan Siar.

Tha Rùnaire Chumhachd Bhreatainn, Ed Davey, air gealltainn gun dèan e a h-uile càil as urrainn dha airson dèanamh cinnteach gun tèid leasachadh chumhachd ath-nuadhachail air adhart anns na h-Eileanan an Iar agus na h-Eileanan a Tuath.

Thuirt e cuideachd gun robh e ag iarraidh gun soirbhicheadh le pròiseactan coimhearsnachd chumhachd ath-nuadhachail.

Tha e air rannsachadh a chur air dòigh feuch soillearachadh fhaighinn air na duilgheadasan a dh'fhaodadh bacadh a chur air na leasachaidhean sin.

Tha faisg air dà mhìos bho choinnich Mgr Davey ri riochdairean nan Eilean mu Thuath agus nan Eilean Siar.

Cosgaisean

Dh'aontaich e buidheann stiùiridh a stèidheachadh airson na duilgheadasan a tha an lùib dealan ath-nuadhachail a chur gu Tìr Mòr a rannsachadh.

Bidh a' bhuidheann a' dèanamh sgrùdaidh air cosgaisean Càbail a' Chuain Sgìth, agus na cosgaisean a tha an lùib dealan a chur troimhe.

Am measg nam puingean air an coimhead a' bhuidheann, tha gu bheil a' chompanaidh Scottish and Southern Energy (SSE) air innse gu bheil cosgaisean a' chàbail air a dhol an-àirde a dhà uiread.

Tha coimhearsnachdan cuideachd air a bhith a' gearain gu bheil e duilich dhaibhsan leasachadh a dhèanamh leis gu bheil aca ri pàigheadh airson loidhnichean dealain agus uidheamachd eile chur an sàs.

Thuirt Mgr Davey nach robh e air an gearain sin a chluinntinn roimhe, ach gun robh esan gu mòr airson 's gun soirbhich le pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail aig ìre choimhearsnachd.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air am misneachadh leis na thuirt Mgr Davey.

''Tha sinn gu math dòchasach air sgàth 's gu bheil an Riaghaltas ann an Lunnainn agus an Riaghaltas ann an Dùn Èideann aig àrd-ìre ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh cumhachd anns na h-Eileanan a thighinn gu bith, agus gum faigh sinn freagairt an ceann sia mìosan,'' thuirt Stiùiriche Leasachaidh na Comhairle, Calum Iain MacIomhair.