A' comharrachadh 40 bliadhna den t-Sabhal Mhòr

  • 23 An t-Samhain 2012
Sabhal Mor Ostaig Image copyright Other
Image caption 40 bliadhna bho chaidh SMO a stèidheachadh ga chomharrachadh le cuirm shònraichte aig Celtic Connections.

Thèid 40 bliadhna bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh a chomharrachadh aig cuirm shònraichte aig fèis Celtic Connections na h-ath-bhliadhna.

Bidh an seinneadair Julie Fowlis agus am fidhleadair Alasdair Friseal am measg na bhios air an àrd-ùrlar ann an Glaschu air an 19mh là den Fhaoilleach.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh agus Ealain an t-Sabhal Mhòir, Donnie Rothach:

''Tha na h-ealain air fad cudromach airson obair an t-Sabhail agus gu h-àraidh gu bheil ceangal againn ri ceòladairean bho dhiofar àiteachan.

Coimisean ùr

''Tha sinn a' bruidhinn ri Dòmhnall Seathach mu choimisean sònraichte a chur air chois ann a 2013.

''Tha e cudromach agus iomchaidh gu bheil oidhche mar seo gu bhith againn aig Celtic Connections.

''Gu h-àraidh gu bheil ceangal aig a h-uile duine a bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar ris an t-Sabhal,'' thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile