Ìmpidh ga chur air Eastern Airways

  • 23 An t-Samhain 2012
Pùirt-adhar Steòrnabhaigh
Image caption Tha Mgr Crichton air sgrìobhadh gu Eastern Airways ag iarraidh orra an clàr-ama atharrachadh agus seirbheis a bharrachd a thabhann.

Chaidh ìmpidh a chur air Eastern Airways leudachadh a thoirt air an t-seirbheis aca eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain.

Tha aon sheirbheis a' tighinn a-steach do Steòrnabhagh an-dràsta feasgar gach là.

Tha cuid den bheachd nach eil seo freagarrach oir tha aig mòran ri oidhche a bharrachd a chur seachad air Tìr Mòr.

Iarrtas

Thuirt fear de chomhairlichean sgìre Loch a Tuath, Dòmhnall Crichton, gu bheil iarrtas ann agus barrachd Eileanach a' faighinn obrach sa Chuan a Tuath.

Tha Mgr Crichton air sgrìobhadh gu Eastern Airways ag iarraidh orra an clàr-ama atharrachadh agus seirbheis a bharrachd a thabhann.

Clàr-ama mì-fhreagarrach

Tha e den bheachd gu bheil e riatanach.

''Chan eil an clàr-ama freagarrach an-dràsta, tha e a' ciallachadh gu bheil aig daoine ri oidhche neo dhà a chur seachad air falbh bho na teaghlaichean aca.

''Feumar cuimhneachadh cuideachd gur e gnìomhachas mòr a tha seo do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar, a tha a' toirt a-steach eadar £4m agus £7m gach bliadhna.

"Feumaidh Eastern Airways èisteachd ris an luchd-gnìomhachais seo agus eadar-dhealachadh a thoirt air an t-seirbheis aca,'' thuirt e.